Cruinnneachadh Chalboist
Chaidh an cruinneachadh seo a dhèanamh le Aonghas ‘Ease’ MacLeòid (1916-2002), a rugadh air 25mh Lùnastal 1916 aig àireamh 8 Calbost ann an sgìre Cheann a Deas nan Loch air Eilean Leòdhais. An uair a bha e òg, bha mòran dhaoine a’ fuireach ann an Calbost, ach tro bheatha dh’fhàg na daoine air fad am baile.
Bha ùidh mhòr aig Aonghas ann an croitearachd agus san dòigh beatha a bha na chois, agus anns a’ Ghàidhlig, agus bha e gu mòr an sàs ann a bhith a’ stèidheachadh Aonadh Croitearachd na h-Alba (a-nis Caidreachas Croitearachd na h-Alba). Bha e gu mòr an sàs ann a bhith a’ steidheachadh pròiseact Cuimhneachain nan Gaisgeach a bha a’ comharrachadh strì an fhearainn ann an Leòdhas aig deireadh na 19mh linn agus toiseach na 20mh linn.
Ri linn an ùidh mhòr a bha aige ann an cultar agus eachdraidh nan eilean, agus gu sònraichte a thaobh baile Chalboist, thòisich e a’ cruinneachadh raon faraing de nithean. Thòisich e a’ cruinneachadh ann an 1965 mar dhòigh air fianais fhiosaigeach a bhith air a gleidheadh de eachdraidh a dhaoine, an uair a thuig e gun robh mòran nithean gan tilgeadh air falbh, agus an toiseach bha e a’ cumail nan nithean sin air a’ chroit aige fhèin.
Tha na nithean sin mar chruinneachadh eachdraidh shòisealta air leth sònraichte agus ann an 1999 thàinig Cruinneachadh Chalboist fo chùram agus rianachd Mhuseum nan Eilean. Cho math ris gach nithean a tha a’ buntainn ris an taigh agus ri croitearachd, tha mòran sa chruinneachadh a tha a’ buntainn ris a’ Chlò Hearach.
Faodar mòran de na nithean a tha anns a’ chruinneachadh seo fhaicinn sna prìomh ghaileiridhean ann am Museum agus Tasglann nan Eilean, Steòrnabhagh. Faodar an tasglann aige fhaicinn aig Ionad Rubha an Fhithich, Ceann a Deas nan Loch, Eilean Leòdhais.
Tha Cruinnneachadh Chalboist a tha ann am Museum & Tasglann nan Eilean, a’ toirt taic do agus a’ cur ri Cruinneachadh Chalboist.
Gu h-ìosal tha eisimpleirean de na nithean a tha sa chruinneachadh.