Cruinneachadh Cinema Sgìre
Chaidh cruinneachadh de chòrr is 100 teip bhidio a chruthaich coimhearsnachdan ann an Innse Gall aig crìoch nan 1970an tro phròiseact Cinema Sgìre an cur ann an cruth didseatach; agus bidh cothrom aig a’ choimhearsnachd am faicinn a dh’aithghearr, mar phàirt de shreath sgrineadh fhilmichean.
Chaidh na filmichean an clàradh tro phròiseact foghlam coimhearsnachd Cinema Sgìre, a bha stèidhichte sa mhòr-chuid ann an Uibhist is Barraigh, a ruith bhon Dàmhair 1977 gu Màrt 1981. A bharrachd air tabhann seirbheis taigh-deilbh bho àite gu àite, bha am pròiseact, a chaidh a stiùireadh le Mìcheal Russell, cuideachd a’ lìbhrigeadh riochdachadh bhidio coimhearsnachd. Bha seo cuideachd a’ gabhail a-steach coimhearsnachdan ionadail ag ionnsachadh mar a chlàradh iad bhidiothan de bheatha làitheil sna h-eileanan, aig àm nuair a bha an dòigh-obrach seo gu math ùr. Stèidhichte le Comhairle nan Eilean Siar, thàinig a’ mhòr-chuid den taic airson a’ phròiseict tùsail bho Chomhairle Film na h-Alba, Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus an Gulbenkian Foundation.
Tha na teipichean air a bhith fo chùram Museum nan Eilean ach leis gu robh cruth nan teipichean cho an-àbhaisteach agus a-mach à cleachdadh, agus air sàilleabh na cosgais agus nan duilgheadasan an cois a bhith gan cur gu cruth didseatach, cha b’ urrainnear na filmichean a chluich. Mar sin cho-dhùnadh ann an 2020 an tasglann a thoirt seachad do Thasglann Ìomhaighean Gluasadach (pàirt de Leabharlann Nàiseanta na h-Alba), air sgàth ’s an cuid eòlais air tasglainn fhilmichean.
A-nis, tron chompàirteachas eadar Museum nan Eilean agus an Tasglann Ìomhaighean Gluasadach, chaidh na teipichean an glèidheadh agus an cur gu cruth didseatach agus thèid an sgaoileadh air-loidhne. Tha a’ chompanaidh film ionadail UistFilm, a riochdaich film aithriseach Dùthchas bho chionn ghoirid, stèidhichte air tasglann, air cùmhnant fhaighinn airson catalog mhionaideachd a chruthachadh. Bidh iad cuideachd a’ tabhann sreath de thachartasan coimhearsnachd air feadh Innse Gall. Bheir seo cothrom do dhaoine bho na sgìrean às an deach na bhidiothan a chruthachadh, coimhead air earrannan bhon chruinneachadh, airson a’ chiad turas o chionn bhliadhnaichean.
A’ gabhail a-steach na h-Eileanan an Iar air fad, bho Nis gu Bhatarsaigh, tha an cruinneachadh a’ tabhann sealladh mionaideach air dòigh beatha thraidiseanta anns na h-eileanan aig deireadh nan 70an, a bharrachd air leasachaidhean coimhearsnachd. Chì sinn an gobha ‘Jellicoe’ na cheàrdach ann an Nis, agus obair thraidiseanta a’ chlò-mhòir, bho rusgadh chaorach gu luadh. Tha còmhradh air cùisean làitheil agus leasachaidhean coimhearsnachd air an clàradh, a thuilleadh air tadhal air pròiseactan leasachaidh coimhearsnachd sa Chuimrigh agus Èirinn.
Tha seinn is dannsa aig Mòdan Ionadail a’ nochdadh tric, nan lùib tha Còisir nam Fear Cuimreach a’ togail an fhuinn air cidhe Steòrnabhaigh is luchd-turais a’ tighinn far an Suilven. Tha sgeulachd a’ Phrionnsa Theàrlaich ga h-innse gu h-èibhinn le Buidheann Dràma na Hearadh. Tha seo am measg agallamhan le daoine de gach aois, ann an Gàidhlig agus ann am Beurla, is aithrisean luachmhor bho sheanchaidhean. Gun cheist, tha an cruinneachadh a’ tabhann beairteis de stuthan luachmhor a tha tarraingeach do gach aois.
A bharrachd air a’ choimhearsnachd a tharraing ri chèile airson cuimhneachadh agus tlachd, thathar an dòchas gum bi iadsan a bha an sàs sa chiad phròiseact no aig a bheil cuimhne air, a’ cuideachadh le daoine agus àiteachan aithneachadh, is cuiridh seo brìgh ris a’ chatalog.
Thairis air na mìosan ri thighinn, bidh UistFilm a’ cur air adhart sreath de thachartasan dà-chànanach ann an àiteachan coimhearsnachd ionadail air feadh nan eilean, agus air-loidhne, far an tèid cruinneachaidhean de na bhidiothan a tha a’ buntainn ri na sgìrean sin an sealltainn don phoball. Thèid iarraidh air muinntir na sgìre ainmeachadh cò tha a’ nochdadh sna filmichean agus innse mun eòlas agus cuimhneachain aca fhèin air na tachartasan agus na cuspairean a tha annta. Tha a leithid ann, bho fhosgladh thallaichean an Iochdair agus Bhatarsaigh agus an Turas Rìoghail gu Steòrnabhagh ann an 1979, gu croitearan a’ cruinneachadh aig fèill reic mhart ann an Uibhist a Deas. Bidh na tachartasan film seo an asgaidh agus bidh fàilte ron h-uile duine. Ge brith a bheil cuimhne agaibh air Cinema Sgìre no nach eil, ’s cinnteach gum bi rudeigin ann a chòrdas ris a h-uile duine!
Ma bha sibhse, no duine sam bith a dh’aithnicheas sibh, an sàs ann an clàraidhean Cinema Sgìre ann an dòigh sam bith, air cùlaibh no air beulaibh a’ chamara, bu toigh leinn cluinntinn bhuaibh! Cuiribh fios gu: info@uistfilm.org
Bidh fiosrachadh mu dheidhinn gach teip air loidhne anns a’ chatalog tron làrach-lìn Moving Image Archive air ceann sreatha.
Tha am pròiseact seo a’ faighinn taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig agus Urras Brosnachaidh na Gàidhlig.