Tar-Shealladh Clàran Foghlaim
Foghlam agus sgoiltean
An dèidh Achd an Fhoghlaim (Alba) 1872 chunnacas sgoiltean stàite air an stèidheachadh ann an Alba, agus dh’fheumadh clann eadar aois 5 agus 12 a bhith gam frithealadh a rèir an lagha. Bha Bùird Sgoile air an stèidheachadh le buill a bha air an taghadh, gus foghlam a lìbhrigeadh aig ìre ionadail.
Clàran Bùird-sgoile agus Comataidh an Fhoghlaim
Bha na Bùird-sgoile a’ dèiligeadh ri raon de chùisean a bha a’ toirt buaidh air sgoiltean sna ceàrnaidhean a bha an urra ris gach Bòrd, a’ gabhail a-steach fastadh thidsearan. Ann an 1919 thàinig Comataidhean Foghlaim Sgìreil a-steach an àite nam Bùird.
Tha clàran ann airson na Bùird a leanas:
Le cliocadh air ceangal fosglaidh an catalog airson an cruinneachadh iomchaidh san stòr-dàta againn
Barra School Board / Management Committee, 1888-1966
North Uist School Board / Management Committee, 1893-1947
Harris School Board / Management Committee, 1918-1975
Lewis School Management Committee / Education Sub-Committee, 1869-1974
Achmore School Board, 1875-1919
Barvas School Board, 1873-1919
Lochs School Board, 1873-1919
Stornoway School Board, 1873-1919
Uig School Board, 1873-1919 [partially digitised – see Digitised Volumes page]
Trustees of the Nicolson Institution, Stornoway, 1870-1888
Leabhraichean-clàraidh Hiort agus Miùghalaigh
Tha na leabhraichean-clàraidh airson Hiort agus Miùghalaigh air a bhith air an didseatachadh gu tur le taic bho Chlàran Nàiseanta na h-Alba agus faodar an rannsachadh air-loidhne tro ar duilleag Leabhraichean Didseatach.
Leabhraichean-clàraidh sgoile agus clàran sgoilearan
Fo Achd an Fhoghlaim (Alba) 1872, dh’fheumadh ceannard gach sgoil leabhar-latha a chumail airson gach latha. Dh’fhaodadh am fiosrachadh a bhith mu fhrithealadh nan sgoilear no cùisean a bha a’ toirt buaidh air am frithealadh mar mòr-ghalairean, droch aimsir agus luchd-obrach a bhith dheth. Dh’fhaodadh fiosrachadh eile a bhith a’ gabhail a-steach staitistigs mu fhrithealadh, liostaichean de luchd-teagaisg, cuspairean air an teagasg agus deitichean agus toraidhean sgrùdaidhean Luchd-sgrùdaidh na Banrigh.
Tha na leabhraichean-latha aig sgoiltean fa leth air an cumail aig grunnan làrach. Cuiribh fios chun t-seirbheis tasglainn airson fiosrachadh mu far a bheil clàraidhean sgoil shònraichte air an cumail.
Leis gu bheil fiosrachadh pearsanta ann an clàran sgoilearan mu chlann fa leth tha iad dùinte airson 100 bliadhna gus a bhith a rèir reachdas Dìon Dàta. Ma tha ùidh agaibh ann am fiosrachadh a dh’fhaodadh a bhith anns na leabhraichean clàraidh, cuiribh fios thugainn, oir is dòcha gum faod sinne na clàran a rannsachadh às ur leth.
Rannsaichibh stòr-dàta nan cruinneachaidhean an seo gus clàran sgoile sam faodadh ùidh a bhith agaibh a lorg, no cuiribh fios gu archives@cne-siar.gov.uk.
Thoiribh sùil air an duilleig seo airson àrd-shealladh de ar cruinneachaidhean tasglainn air fad.