Tar-Shealladh Clàran Ospadail agus Slàinte
Ann an Tasglann nan Eilean tha clàran Bòrd Slàinte nan Eilean an Iar 1892-2003 a’ gabhail a-steach Ospadal Leòdhais, Sanatòrium Leòdhais, Bòrd Rianachd Ospadalan Leòdhais agus na Hearadh, Seirbheis Bhanaltram Leòdhais, Bùird Ospadalan Roinneil agus Roinn Dachaigh agus Slàinte na h-Alba. Chan eil iad sin fhathast air an catalogadh, ach tha liostaichean bhogsaichean rim faighinn.
Tha na seòrsaichean clàr a tha ann a’ gabhail a-steach clàran rianachd a’ Bhùird Slàinte, Clàran Dol a-steach do dh’Ospadal, leabhraichean X-Ray, leabhraichean opairèisean, clàran de Fhiosrachadh mun Chaitheamh agus Liostaichean Feitheimh. Tha clàran Taigh nam Bochd Leòdhais agus Loch nam Madadh cuideachd ann le fiosrachadh mu dhaoine le coran slàinte.
Gheibhear fiosrachadh mu bhith a’ suidheachadh Oifigearan Slàinte Poblach agus Banaltraman cuideachd ann an clàran nan Comataidhean Sgìreil airson gach eilean, agus mu Comhairle Baile Steòrnabhaigh, mar a tha air a liostadh ann an earrann clàran nan ùghdarrasan ionadail.
Thoiribh sùil air an duilleig seo airson àrd-shealladh de ar cruinneachaidhean tasglainn air fad.