Cruinneachadh Urras Taigh-tasgaidh Leòdhais
Rugadh an Dr Dòmhnall Dòmhnallach (1891-1961), ris an canar Dolaidh Dotair, ann an Steòrnabhagh agus an dèidh dreuchd shoirbheachail ann an Lunnainn leig e dheth a dhreuchd agus thill e air ais a Leòdhas, agus bha e a’ fuireach ann an Ùig. Bha e gu mòr an sàs sa Ghàidhlig agus ann an cultar an eilein agus thòisich e a’ cruinneachadh arc-eòlas cuideachd agus innealan agus nithean a bha a’ dol a-mach à cleachdadh.
Bha e dèidheil air a bhith a’ togail dhealbh agus bhiodh e a’ siubhal timcheall nan sgìrean dùthchail a’ togail dhealbhan taobh a-staigh thaighean agus a-muigh air an fhearann. B’ e an t-amas a bha aige taigh-tasgaidh a stèidheachadh sa Ghearraidh Chruaidh agus chuir e air chois Comunn Taigh-tasgaidh Leòdhais is Na Hearadh gus seo a dhèanamh comasach. Gus airgead a thogail airson a’ phròiseact seo chùm e taisbeanaidhean poblach de na dealbhan aige a bha ann an riochd phleataichean glainne agus bha iad air an sealltainn le bhith a’ cleachdadh lanntair sheunta.
Gu mì-fhortanach chaochail Dolaidh Dotair mus deach an amas aige a choileanadh. Dh’atharraich Comunn Taigh-tasgaidh Leòdhais is Na Hearadh gu bhith na Urras Taigh-tasgaidh Leòdhais, agus ann an 1983 le aonta ris an Urras, thàinig Museum nan Eilean gu bhith a’ gabhail cùram agus rianachd a’ chruinneachaidh iongantaich seo.
Gu h-ìosal tha eisimpleirean bho’n chruinneachadh