Tar-shealladh de chruinneachaidhean an taigh-tasgaidh
Tha cruinneachaidhean ann am Museum nan Eilean co-cheangailte ri eachdraidh shòisealta, eitneografaidh roinneil agus arc-eòlasInnse Gall. Tha a’ mhòr chuid de na stuthan sòisealta, eachdraidheil agus eitneografaigeach a’ buntainn ris na linntean 19/20 agus tha na cruinneachaidhean arc-eòlais bho Linn Meadhanach na Cloiche chun là an-diugh.
Tha mu 6,000 nì ann (gun a bhith a’ gabhail a-steach nithean arc-eòlach, beul-aithris agus nithean geàrr-shaoghalach) a tha a’ buntainn ri Innse Gall. Tha na nithean a’ dol bho bhuinn bheaga agus pìosan beaga crèadha gu nithean air leth mòr, mar inneal-bualaidh agus eathar Ghriomasach.
Bithibh mothachail gu bheil obair chatalogadh agus dhealbhan a’ sìor dhol air adhart, mar sin tha an liosta a leanas dìreach a’ toirt blas de na cruinneachaidhean againn. Tha sinn an dòchas a bhith a’ cur ri stòr-dàta sgrùdail an taigh-tasgaidh againn mar fheart air an làrach-lìn a dh’aithghearr. Cuiribh fios gu Seirbheis a’ Mhuseum ma tha ceist agaibh.
Sna cruinneachaidhean tha:
- Arc-eòlas
- Cinema Sgìre
- Croitearachd
- Beatha san dachaigh
- Ealain Saor & Ealain Sgeadachail
- Cruinneachadh Gibson
- An Clò Mòr
- Gnìomhachas & Malairt
- Obair na Mara
- Obair Slàinte
- Obair an Airm
- Eachdraidh Nàdair
- Beul-aithris
- Dealbhan
- Hiort
- Obair-aodaich & Culaidh aodaich
Tha cruinneachaidhean an taigh-tasgaidh a’ gabhail a-steach stuthan a fhuaras bho Mòr Ulaidh Alba, tabhartasan, tar-aiseagan agus stuth a chaidh a cheannach. Tha an taigh-tasgaidh a’ rianachd cruinneachadh beag ach a tha a’ sìor fhàs de mhac-samhail agus lethbhreacan de nithean airson an cleachdadh ann an taisbeanaidhean, tachartasan for-ruigheachd agus iasadan do bhuidhnean eile.
Tha Museum nan Eilean cuideachd a’ rianachd, a’ stòradh agus tha cead cleachdaidh aca air dà chruinneachadh fa leth de mu 2,000 nì: Cruinneachadh Chalboist le Urras Chalboist agus cruinneachadh LMT a bhuineas do dh’Urras Taigh-tasgaidh Leòdhais.
Iasadan bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba
Tha aontan iasaid so-ùrachaidh aig Museum nan Eilean le Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba airson mu 80 nì eadar stuthan arc-eòlais agus carbaid trì-chuibhleach. [ceangal]
Iasadan bho Thaigh-tasgaidh Bhreatainn
Tha aontan iasaid so-ùrachaidh aig Museum nan Eilean le Taigh-tasgaidh Bhreatainn airson sia Fir-tàileisg Leòdhais a tha cudromach gu h-eadar-nàiseanta.