Comunn Eachdraidh na Pàirc
Chaidh Comunn Eachdraidh na Pàirc a stèidheachadh ann an 1990 agus tha am buidheann ag obair a-mach à Ionad Ravenspoint ann an Cearsiadar, Eilean Leòdhais.
Open: Monday-Saturday, 11.00 am to 4.30 pm
Làrach-lìnSeòladh
Ravenspoint Centre
Kershader
Lewis
HS2 9QA
Fòn
07770 544670
Post-d
info@cepairc.comAbout
Chaidh Comunn Eachdraidh na Pàirc a stèidheachadh ann an 1990 agus tha am buidheann ag obair a-mach à Ionad Ravenspoint ann an Cearsiadar, Eilean Leòdhais. Tha cruinneachaidhean aca a’ buntainn ri muinntir, teaghlaichean agus gnìomhachasan na sgìre agus Tasglann Aonghais Mhicleòid. Tha an Comunn gu math trang agus bidh iad a’ foillseachadh leabhrain mun sgìre ionadail agus an iris ràitheil aca, Tional.
Cruinneachaidhean
B’ e Comunn Eachdraidh na Pàirc aon den na buidhnean stèidheachaidh a chruthaich a’ chiad ìre de Hebridean Connections. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil am fiosrachadh sinnsireachd agus dealbhan aca ri fhaighinn air-loidhne.
- Dealbhan
- Eachdraidh chroitean
- Clàran beul aithris agus tar-sgrìobhaidhean
- Tasglann Aonghais Mhicleòid (an co-bhoinn ri Urras Leabhraichean nan Eilean)
- Cruinneachadh Chalum Kennedy
- Patagonia agus innleachdas sealg na muic-mhara
- Cruinneachadh de dh’innealan
- Cùbaid a bhiodh air a cleachdadh a-muigh
- Cruinneachadh Gaisgeach Buzancy (Aonghas Mac a’ Mhaoilein (1886-1961), an Leòdhasach as motha a fhuair urram sa Chiad Chogadh)
- Tasglann Aonghais Mhicleòid
- Angus Macleod Archive (ann an co-chòrdadh ri Urras nan Leabhraichean)
Tha an Comunn cuideachd a’ coimhead às dèidh Glainne-sìde Iasgairean Mharbhaig Chaidh seo a thogail mu 1860 tro iomairt leis an Admiral Fitzroy, ceannard Roinn Eòlas-sìde, aon den fheadhainn a chaidh a thoirt do choimhearsnachdan iasgaich. Bha na glainneachan-sìde airson a bhith a’ cuideachadh iasgairean a bhith a’ faighinn fios ro-làimh mu dhroch aimsir.