Comann Eachdraidh an Rubha

Thòisich Comann Eachdraidh an Rubha ann an 1982 agus tha e a’ gabhail a-steach sgìre an Rubha air taobh thall a’ Bhràigh, chun ear air Steòrnabhagh.

Exhibition open Monday-Saturday from 9.00 am-6.00pm. Other times by appointment.

Làrach-lìn

Seòladh

Aros an Rubha,
Knock,
Point,
Isle of Lewis
HS2 0BW

Mun bhuidheann seo

Thòisich Comann Eachdraidh an Rubha ann an 1982 agus tha e a’ gabhail a-steach sgìre an Rubha air taobh thall a’ Bhràigh, chun ear air Steòrnabhagh. Bha dachaigh a’ chomainn an toiseach an Taigh-sgoile na h-Àirde far an robh rùm airson taisbeanaidhean agus airson stòradh, ach b’ fheudar an t-àite sin fhàgail nuair a chaidh an taigh-sgoile a reic. Anns an Fhaoilleach 2014, an dèidh grunn bhliadhnachan às aonais dachaigh, fhuair an Comann Eachdraidh àite ann an seann Sgoil a’ Chnuic, a tha fo stiùir buidheann coimhearsnachd, Urras Stòras an Rubha. San togalach, ainmichte mar Àros an Rubha tha àite airson taisbeanadh, stòradh agus oifis airson a’ chomainn eachdraidh.

Tha an Comann Eachdraidh agus obair còmhla ris a’ choimhearsnachd ann a bhith a’ leasachadh thaisbeanaidhean dà-chànanach air cuspair agus mar thoradh air seo tha mòran nithean air a bhith air an toirt dhan chomann airson an gleidheadh. 

Tha na taisbeanaidhean a bha ann ron seo a’ gabhail a-steach Bùithtean agus A’ Ceannachd sna Bùithtean; An Cogadh Mòr (a’ gabhail a-steach An Iolaire); An Dàrna Cogadh; Bàtaichean agus Iasgach.  Tha a’ chiad thaisbeanadh ann an Àros co-cheangailte ri Àirighean – na h-àirighean air na mòintichean eadar Steòrnabhagh agus Ach Mòr far am biodh muinntir an Rubha a’ dol, gu h-àraidh an toiseach airson coimhead às dèidh a’ chruidh as t-samhradh. 

Cruinneachaidhean

  • Dealbhan
  • Leabhraichean-cunntais agus clàran ionadail
  • Pasgain a’ foillseachadh stuth bho thaisbeanaidhean a bha ann ron seo
  • Mòran innleachdas a’ gabhail a-steach stuth-dachaigh, croitearachd, bùithtean agus foghlam
  • Cumaidhean eathraichean, air an toirt mar thiodhlaic bho Iain Caimbeul nach maireann, Port Mholair
This site uses cookies.
Some of these cookies are necessary to make our site work. Other cookies help us to improve your experience of using our site. Please bear in mind that not accepting our recommended settings may diminish your browsing experience.

By using our site you accept the terms of our Privacy Notice Read more