Ceòl
Dualchas cultarach do-bheantainn Innse Gall
Is e àite a tha seo airson a bhith a’ taisbeanadh agus a’ comharrachadh cultar Gàidhlig neo-làimhseachail Innse Gall.
Gàidhlig
- A Pheigi a Ghràidh air a sheinn le Seonaidh Mac an t-Saoir. Òran air a sgrìobhadh le Ruaraidh Caimbeul (Ròidseag) à Uibhist a Deas. An cuspair: Seòladair air a shlighe a dh’Astràilia a’ fàgail a leannain ann an Uibhist.
- A Rìbhinn Òg Bheil Cuimhn’ Agad air a sheinn le Chloe Steele. Òran air a sgrìobhadh le Ailig Iain MacDhòmhnaill à Eilean Leòdhais. An cuspair: Seòladair a’ falbh gu muir agus a’ sgrìobhadh gu leannan aig a dachaigh.
- Òran a’ Pholitician air a sheinn le Seonaidh Mac an t-Saoir. Òran air a sgrìobhadh le Ruaraidh Caimbeul (Ròidseag) à Uibhist a Deas. An cuspair: Air 2 Gearran 1941 chaidh an SS Politician air na creagan faisg air Eirisgeigh, air a shlighe eadar Liverpool agus Jamaica. Bha còrr air 20,000 botal uisge-beatha air bòrd.
- Fuinn pìoba le Seonaidh Mac an t-Saoir. Seudan a’ Chuain (jewels of the sea), an Fhaoileag agus an Guilbneach uile a’ ceangal a-steach ri cuspair mu dhualchas na mara.
Beurla & Gàidhlig
- Cèilidh air-loidhne bhon Dùbhlachd 2020 mu chuspair na mara