Na Cruithnich
Thug cultar nan Cruithneach buaidh air beatha nan eileanan mus tàinig na Lochlannaich. Tric thathar a’ coimhead air cultar nan treubhan Cruithneach mar rud a tha dìomhair dhuinne an-diugh. Gu h-annasach chan eil mòran fianais airson an ùine a bha iad sna h-Eileanan an Iar. Tha’r a smaoineachadh gu bheil seo seachd gu robh ceangail nas làidire eadar na h-Eileanan agus rioghachdan Èireann agus Dàl Riata.
Bha treubhan Cruithneach an làthair tarsainn air pìosan mòra de thaobh an ear Alba agus thàinig iad gu bith eadar 500-600AD bho threubhan Linn an Iarainn a bh’ ann romhpa. Air na h-eileanan thàinig cultar, beachdan, poilitigs agus fasain nan Cruithneach bho na h-ionadan cumhachd air tìr-mòr Alba agus thug iad buaidh air na h-eileanaich a ghabh riutha gu ìre.
Ged a dh’fhaodas cultar nan Cruithneach a bhith doirbh aithneachadh ann am fianais àbhaisteach arc-eòlach nan eilean tha e furasta aithneachadh ann am modhan adhlacaidh. Chaidh clachan Cruithneach air am peantadh a lorg ann an àiteachan adhlacaidh anns na h-Eileanan Siar agus tha e coltach gu bheil iad a’ comharrachadh daoine cudromach no tachartasan sònraichte.
Gu h-annasach chaidh càrn adhlacaidh ceithir-cheàrnach a lorg ann an Cill Pheadair ann an Uibhist a Deas le corp boireannaich Cruithneach aois 40 bliadhna. Sheall mion-sgrùdadh gun deach a h-adhlacadh mu 700AD. Sheall deuchainnean isotope nach robh i bho thùs às na h-Eileanan Siar ach gur dòcha gu robh ceangal aice ris na Cruithnich ann an Arcaibh no Sealtainn. Chan eil ach dà adhlacadh den t-seòrsa seo air lorg anns na h-Eileanan Siar agus tha e coltach gu bheil iad nan comharran air caidreachais poilitigeach a rinneadh tro phòsadh eadar teaghlaichean uasal à sgìrean eadar-dhealaichte.