Erskine Beveridge: A’ Tional Fuighill, Tobhtaichean agus Dòighean-beatha
Taisbeanadh de dhealbhan-camara a thàinig thugainn bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES)
’S e sgeulachd a tha seo mu bhith a’ cruinneachadh seach-shaoghal, air innse mu thoiseach na ficheadamh linn tron lionsa aig na deilbh aig Erskine Beveridge. ’S e taghadh a th’ ann às a’ chruinneachadh iongantach de chòrr air 750 pleitichean neagataibh glainne a thog Erskine Beveridge eadar 1880 agus 1919. Tha iad an-diugh ann an tasglann HES.
Fhuair Erskine Beveridge (1851-1920) mar dhìleab bho athair gnìomhachas soirbheachail a’ dèanamh lìn ann an Dùn Phàrlain. Bha e cuideachd na eachdraiche dealasach, na àrsair, na ùghdar foillsichte agus na neach-togail-dhealbhan-camara neo-dhreuchdail. Bha ceangal làidir aige ris na h-Eileanan an Iar is e air a thighinn a dh’Uibhist a Tuath an toiseach ann an 1897, mus do cheannaich e an t-eilean-mara Bhàlaigh agus na bailtean mun cuairt – Sgolpaig, Grìminis agus Baile Lòin. Thog e taigh mòr ann an stoidhle baranach air Bhàlaigh. Chladhaich e grunn làraich arc-eòlach anns an sgìre seo agus sgrìobh e an leabhar ‘North Uist – its Archaeology and Topography’ ann an 1911.
Bha ùidh shònraichte aig Beveridge ann an tobhtaichean agus tha mòran de na dealbhan aige a’ glacadh na bha air fhàgail de thogalaichean a dh’fhuiling mòran millidh no a bha air a dhol bhuaithe. Lorg e mach, thog e dealbhan dhiubh, agus chlàr e carraighean agus fuighill a bha air maireachdainn bho amannan na bu thràithe. Le chamara, ghlac Beveridge dòighean-beatha eadar-dhealaichte timcheall Alba, bho Dhùn Èideann gu Stromness.
Air am brosnachadh leis a’ chruinneachadh bheairteach seo, tha Museum & Tasglann nan Eilean air cothrom a ghabhail cur ris na deilbh le tasglainn agus nithean às ar cruinneachaidhean fhèin, nam measg grunn nithean nach robh air an taisbeanadh roimhe seo. Tha cuid de na nithean san taisbeanadh air an toirt bho dà chruinneachadh cho cudromach ’s a th’againn, na cruinneachaidhean aig WJ Gibson and Aonghas ‘Ease’ MacLeòid. Tha an dithis aca air leth cudromach a thaobh na rinn iad airson cruinneachadh, clàradh agus glèidheadh beatha obrach, dachaigheil agus sòisealta, traidiseanan cultarail agus àrainneachad thogte nan Eileanan an Iar.
Chi sibh dealbh de Erskine an seo.
Tha chòrr air 750 pleitichean neagataibh glainne anns a chruinneachadh gu leir agus chi sibh iad an seo.