Museum nan Eilean Lionacleit
Tha Museum nan Eilean Lionacleit air Eilean Bheinn na Faoghla agus tha e mar phàirt de Sheirbheis Dualchais Chomhairle nan Eilean Siar (ùghdarras ionadail Innse Gall). Tha seo mar mhuseum a tha a’ toirt taic do Mhuseum nan Eilean Steòrnabhagh air Eilean Leòdhais.
Air an duilleig gu h-ìosal, gheibh thu fiosrachadh a dh’fheumas tu airson planadh do chuairt gu Museum nan Eilean, Lionacleit.
A’ faighinn an seo: Siubhal, Stiùireadh, Pàirceadh
Rè do thurais: Ruigsinneachd, Cead a-steach, Clann, CCTV, Ag Ithe is Ag Òl, Taisbeanaidhean, Saor-làithean/ dùinte, Leabharlann, Oifis a’ Mhuseum, Uairean Fosglaidh, Uairean Fosglaidh a bharrachd, Ar luchd-obrach, Togail Dhealbhan/Filmeadh, Toidhleatan
A’ faighinn an seo
Tha Museum nan Eilean mu 10 mionaidean ann an càr bho Bhaile a’ Mhanaich agus tha e stèidhichte ann an sgoil choimhearsnachd Lionacleit a tha an ath dhoras do Thaigh-òsta an Eilein Dhorcha.
Is e an seòladh airson satnav: Museum nan Eilean, Sgoil Lionacleit, Lionacleit, Beinn na Faoghla, HS7 5PQ
A’ siubhal gu Beinn na Faoghla
Tha itealain Loganair a’ dol gu dìreach gu Port-adhair Bheinn na Faoghla bho Ghlaschu agus Steòrnabhagh.
Tha na h-eileanan ann an Uibhist air fad eadar Eirisgeigh agus Beàrnaraigh ceangailte ri chèile le cabhsairean. Mar sin tha grunnanan roghainnean ann tadhal air Beinn na Faoghla le bhith a’ tighinn air aiseag Calmac.
- Bho thìr mòr na h-Alba – Ùig (An t-Eilean Sgitheanach) gu Loch nam Madadh (Uibhist a Tuath), no Malaig gu Loch Baghasdail (Uibhist a Deas), no An t-Òban gu Loch Baghasdail
- Bho Leòdhas no Na Hearadh – An t-Òb (Na Hearadh) gu Beàrnaraigh
- Bho Bharraigh – Àrd Mòr (Barraigh) gu Eirisgeigh
Tha mìosan an t-samhraidh air leth trang agus mar sin tha bucadh ro-làimh riatanach.
Stiùireadh
Pàirceadh
Tha am museum suidhichte ann an sgoil choimhearsnachd Sgoil Lionacleit agus mar sin bithear a’ pàirceadh chàraichean aig làrach na sgoile.
- Tro uairean fosglaidh na sgoile – na pàircich ann an raon pàiricidh nam busaichean oir feumaidh na busaichean an làrach sin a chleachdadh. Pàircich sna raointean pàircidh a tha gu sònraichte airson càr.
- Feasgar / deireadh sheachdain/ saor-làithean na sgoile – faodaidh tu pàirceadh ann an raointean nam busaichean agus ann an raointean chàraichean eile cuideachd.
- Pàirceadh Luchd-ciorraim – tha 2 làrach air an comharrachadh faisg air prìomh dhoras na sgoile/ a’ mhuseum. Dèan cinnteach gu bheil am Bràiste Gorm agad air a thaisbeanadh.
Rè Do Thurais
Ruigsinneachd
Tha Museum & Tasglann nan Eilean ag aithneachadh gum bi feumalachdan diofraichte aig a h-uile neach-cleachdaidh agus tha sinn dealasach mu bhith a’ lùghdachadh bhacaidhean ruigsinneachd fiosaigeach is innleachdach do ar cruinneachaidhean. An uair nach eil luchd-obrach a’ mhuseum an làthair bidh luchd-obrach an leabharlainn ri làimh gus taic a thoirt dhut. Ma tha thu airson bruidhinn mu na feumalachdan ruigsinneachd agad mus tig thu cuir fios thugainn.
- Toileatan So-ruigsinneach – Tha toileat so-ruigsinneach bhoireannach ri fhaotainn ri taobh toileat nam boireannach a tha suidhichte sìos bhon phrìomh dhoras seachad air an staidhre agus sìos an trannsa air an taobh chlì. Gu mì-fhortanach aig an àm a tha an làthair chan eil àite sgeadachaidh sònraichte againn airson inbhich.
- Beathaichean Taic – Thathar a’ cur fàilte air beathaichean airson obair agus taic sa mhuseum. Bu chòir dhaibh a bhith air an trèanadh, air an stiùireadh agus air an cumail dlùth dhut fad na h-ùine, agus bhiodh e math nam biodh na tabardan no na h-iallan iomchaidh orra.
- Mìneachadh – Uidheaman-taice Claisneachd & Lèirsinneach – Mar thoradh air mar a tha na taisbeanaidhean ag atharrachadh chan eil e comasach a bhith a’ dearbhadh an ìre de dh’eadar-mhìneachadh a bhios ri fhaotainn ach tha sinn ag amas gu bi raon de dh’eadar-mhìneachadh ann – ri fhaotainn sa Ghàidhlig agus sa Bheurla – a’ gabhail a-steach panailean le teacsa, bùird-làimhe le fiosrachadh, filmichean lèir-chlaistinneach siostaman claistinneach, geamannan eadar-obrachail agus fuigheallan. Tha frèam meudachaidh ri fhaotainn le iarraidh do neach sam bith a dh’fheumas a chleachdadh. Iarr seo air ball den sgioba-obrach.
- Àm Sàmhach – Mas fheàrr leat a bhith a’ tadhal an uair a tha cùisean nas sàmhaich cuir fios thugainn ro làimh agus bheir sinn comhairle dhut mun àm den latha as fheàrr.
- Suidheachain – Tha stòil aotrom a ghabhas an gluasad timcheall rim faotainn a dh’fhaodas tu a chleachdadh air feadh nan gaileiridhean.
- Cathraichean-cuibhle – Tha am museum air an làr ìosal agus air fad air an aon ùrlar agus tha e comasach siubhal air fheadh air cathair-cuibhle.
Cead a-steach
Is ann tro thabhartas a bhithear a’ pàigheadh airson a dhol don mhuseum. Thathar a’ moladh £5 gach neach. Tha sinn air leth taingeil airson tiodhlacan sam bith.
Bidh an t-airgead air fad a bheir thu seachad air a chosg air pròiseactan spèisealta, nithear ùra a gheibhear agus glèidhteachas ar cruinneachaidhean.
Clann
Feumaidh inbheach a bhith còmhla ri clann fo aois 12 (taobh a-muigh uairean na sgoile).
Gheibh thu tuilleadh a-mach mu chur-seachadan agus mu nithean a chì agus a nì sibh ‘s an taigh-tasgaidh ann an Teaghlaichean agus Daoine Òga.
Telebhisean Cearcall-dùinte
Tha CCTV air a chleachdadh tro Mhuseum nan Eilean; tha ìomhaighean air an clàradh airson sàbhailteachd a’ phobaill agus airson bacadh eucoir, a rèir reachdas Dìon Dàta.
Ag ithe is Ag òl
Airson na cruinneachaidhean againn a dhìon chan eil biadh no deoch ceadaichte sa ghaileiridh. Ith is òl gach nì mus tig thu a-steach dhan taigh-tasgaidh.
Tha ionad bìdh na sgoile fosgailte don phoball tro shaor-làithean na sgoile.
Taisbeanaidhean
Chan eil taisbeanadh maireannach sa taigh-tasgaidh seo. Tha an gaileiridh air a chleachdadh airson prògram de thaisbeanaidhean a bhios ag atharrachadh grunnan uairean gach bliadhna. Bidh na taisbeanaidhean a’ dol bho bhith mar fheadhainn a dh’ullaich iad fhèin gu taisbeanaidhean nàiseanta air chuairt, a’ sònrachadh nithean, mìneachadh pròiseact agus taisbeanaidhean co-cheangailte ris a’ choimhearsnachd ionadail. Tha gach fear dhiubh sin a’ toirt a’ chothruim a bhith a’ gabhail a-steach cruinneachaidhean Mhuseum nan Eilean gus am bi taghadh a bhios ag atharrachadh ri fhaicinn no ri rannsachadh.
Chì thu dè an taisbeanadh a tha againn aig an àm a tha an làthair san earrann Dè tha dol?
Saor-làithean | Dùnaidhean
Tha Museum nan Eilean Lionacleit dùinte gach bliadhna air Latha na Nollaig, Latha an Dreathain, 1d is 2na latha den Fhaoilleach agus na trì làithean-obrach eatorra. Tha sinn dùinte cuideachd air Dihaoine na Ceusta agus air na trì làithean saor-làithean poblach as t-samhradh mar as trice air an treas seachdain den Iuchair. Bidh dùnaidhean sam bith eile air an sanasachd an seo agus air ar duilleag facebook.
Leabharlann
Tha an taigh-tasgaidh ri taobh Leabharlann nan Eilean Siar, a tha fosgailte don phoball na h-aon uairean ’s a tha am museum. Tha doras a’ dol bhon leabharlann chun an taigh-tasgaidh cho math ris an doras bhon lobaidh.
Oifis an taigh-tasgaidh
Tha oifis an taigh-tasgaidh a-staigh sa taigh-tasgaidh ach chan eil neach-obrach an-còmhnaidh san oifis. Cho math ri bhith an urra ris na taisbeanaidhean a tha sa taigh-tasgaidh bidh an luchd-obrach cuideachd a’ coimhead às dèidh cruinneachaidhean an taigh-tasgaidh a tha air an stòradh sa ghoireas againn ann an Torlum, ag obair còmhla ris an taigh-tasgaidh againn ann an Steòrnabhagh, a’ ruith bhùithtean-obrach airson sgoiltean agus buidhnean eile agus a’ toirt comhairle do chomainn eachdraidh/ taighean-tasgaidh neo-eisimeileach. Mur eil luchd-obrach sa taigh-tasgaidh bheir luchd-obrach an leabharlainn fiosrachadh dhut mun dòigh sam faigh thu fios thugainn ma tha ceist sam bith agad no faodaidh tu fios a chur thugainn ann an seo.
Uairean Fosglaidh
- Diluain | Dùinte
- Dimàirt, Diardaoin, Dihaoine | 10m – 1f | 2f – 5f
- Diciadain | 10m – 1f
- Disathairne | 10m – 3.30f
- Didòmhnaich | Dùinte
A’ Fosgladh Taobh a-muigh nan Uairean Sin
Ma tha thu airson ceist fhaighneachd mu bhith a’ fosgladh airson buidheann taobh a-muigh nan uairean sin cuir fios thugainn airson prìs.
Ar Luchd-obrach
Faodar ar luchd-obrach a chomharrachadh le na bràistean CnES a tha orra.
Cha chuir sinn suas ri droch-dhìol no fòirneart ri luchd-tadhail, cùnnradair no neach sam bith de ar luchd-obrach. Mur eil luchd-obrach an taigh-tasgaidh an làthair leis gu bheil iad ag obair am bad-eigin eile faodaidh tu ceistean fhàgail le fios a chur thugainn an seo.
Togail Dhealbhan | Filmeadh
Faodaidh luchd-tadhail camarathan-làimhe a chleachdadh sa taigh-tasgaidh airson adhbharan prìobhaideach is neo-choimeirsealta, ach chan fhaod iad:
- Camarathan a chleachdadh ann an àiteachan far a bheil bacadh air a chur air bhidio no dealbhan camara (bidh soidhnichean ann a’ dèanamh seo soilleir).
- Clàradh sam bith a dhèanamh no dealbh a thogail de neach sam bith gun chead bhon neach sin.
Chan eil cleachdadh neo-phrìobhaideach no coimeirsealta ceadaichte de chamarathan/innealan clàraidh, no nithean trì-chasach no solais às aonais ullachadh ro-làimh. Faic ceistean bho na meadhanan.
Innsidh sinn an-còmhnaidh do luchd-tadhail ma bhios filmeadh no togail dhealbhan a’ gabhail àite sa mhuseum rè an turais.
Toidhleatan
Tha toidhleatan poblach rim faotainn san sgoil.