Seirbheis Tasglainn
Is e Tasglann nan Eilean seirbheis tasglainn Chomhairle nan Eilean Siar, ùghdarras ionadail Innse Gall. Is e ar dreuchd a bhith a’ cruinneachadh, a’ gleidheadh agus a’ toirt cothrom air cruinneachaidhean an tasglainn a tha fo ar cùram. Tha seo a’ gabhail a-steach clàraidhean eachdraidheil na Comhairle agus na feadhainn a bha ann roimhe, cho math ri clàran bhuidhnean is dhaoine eile co-cheangailte ri Innse Gall a tha air a bhith air an toirt mar thiodhlaic no air a bhith air an toirt seachad.
Tha an t-seirbheis suidhichte ann an goireas a chaidh a thogail a dh’aon ghnothaich ri taobh Caisteal Leòdhais ann an Steòrnabhagh, a dh’fhosgail ann an 2016.
Ma tha thu an sàs ann an rannsachadh air taobh sam bith de dh’eachdraidh Innse Gall is dòcha gu bheil stuthan againn a tha iomchaidh. Thoir sùil air ar duilleag Fiosrachadh airson tuilleadh fiosrachaidh mu mar a dh’fhaodas sinn do chuideachadh.
Ma tha thu airson àm a shuidheachadh airson rannsachadh a dhèanamh san tasglann, thoir sùil air an duilleag Tadhal oirnn airson fiosrachadh fhaighinn mu mar a nì thu seo agus na bu chòir dhut a shùileachadh bho bhith a’ tadhal.
Faodaidh tu cuideachd am blog againn fhaicinn an seo.