Tabhartasan Dualchais
Bidh Comhairle nan Eilean Siar a’ toirt tabhartasan dualchais do bhuidhnean dualchais saor-thoileach a tha air an aontachadh airson adhbharan co-cheangailte ri dualchas. Is e Comainn Eachdraidh na buidhnean a tha air an aontachadh.
Tha tòrr iarrtas airson nan tabhartasan dualchais agus mar sin leugh na stiùiridhean gu math cùramach.
Thèid dà chuairt maoineachaidh a chumail ann an 2022-2023:
- Cuairt a h-Aon: Cha ghabhar ach Foirm A (iarrtasan airson Tabhartasan Dualchais).
Tha seo airson leigeil leis na buidhnean air fad cur airson maoineachadh a chuidicheas iad le cosgaisean ruith.
Is e an ceann-là dùnaidh airson Cuairt a h-Aon 4mh Sultain 2022.
- Cuairt a-dhà: Cha ghabhar ach Foirm B (iarrtasan airson Tabhartasan Uidheam Buidheann Dualchais).
Cha bhi a’ chuairt seo ach airson dèiligeadh ris an airgead nach tèid a chosg ann an Cuairt a h-Aon.
Chan fhosgail Cuairt a Dhà gu 30 Sultain 2022, le ceann-là de 31 Dàmhair 2022.
Gabh nota a thaobh nan tagraidhean air fad:
- Cha tèid na tagraidhean a phròiseasadh ach a-mhàin ma tha iad air an lìonadh a-steach gu ceart.
- Feumaidh na sgrìobhainnean dearbhaidh air fad a bhith nan cois oir cha tèid airgead a thairgse gus an tèid seo fhaighinn.
- Chan eil e comasach dhuinn aontachadh an dèidh làimh ri iarrtasan airson Tabhartasan Uidheam Dualchais.
- Thèid iarrtas sam bith airson tabhartas a tha air a mheas mar a bhith connspaideach, no a tha air a mheas mar a bhith a’ stèidheachadh ro-shampall, a chur air adhart chun Chomataidh airson Leasachadh Seasmhach gus beachdachadh air.
- An uair a dh’fhosglas na tabhartasan gach bliadhna, bidh làn-stiùiridhean, agus foirmean tagraidh agus iarrtais rim faotainn air làrach-lìn Chomhairle nan Eilean Siar aig an ceangal seo.