Seirbheis Museum
Is e Museum nan Eilean seirbheis taigh-tasgaidh an ùghdarrais ionadail Chomhairle nan Eilean Siar a chaidh a stèidheachadh ann an 1983. Tha dà thaigh-tasgaidh creideasaichte againn agus dà stòr taigh-tasgaidh ann an dà eilean – Leòdhas agus Beinn na Faoghla.
Tha raon-ùghdarrais aig an taigh-tasgaidh a bhith a’ cruinneachadh, a’ coimhead às dèidh agus a bhith ga dhèanamh don phoball cothrom fhaighinn air stuth Innse Gall air fad, a’ gabhail a-steach eileanan a chaidh fhàgail le na daoine mar Hèisgeir, Tarasaigh, agus Hiort aig a bheil inbhe dhùbailte mar Làrach Dualchais na Cruinne. Is ann le Comhairle nan Eilean Siar a tha na cruinneachaidhean agus tha iad air an cumail air urras leis an taigh-tasgaidh às leth muinntir Innse Gall airson adhbharan rannsachaidh, foghlam agus tlachd an-dràsta agus san àm ri teachd.
A’ tadhal air ar taighean-tasgaidh
Gheibh sibh a-mach tuilleadh mu na taighean-tasgaidh againn air na ceanglaichean gu h-ìosal:
Museum nan Eilean Steòrnabhagh – air Eilean Leòdhais
Museum nan Eilean Lionacleit – air Eilean Bheinn na Faoghla
Taisbeanaidhean maireannach ann an Steòrnabhagh
Tha ceithir gaileiridhean le taisbeanadh maireannach ann am Museum nan Eilean ann an Steòrnabhagh a tha a’ toirt blas de sgeula Innse Gall:
- Dùthchas – film bogaidh a tha a’ còrdadh gu mòr ri mòran de ar luchd-tadhail. Tha an fhilm a’ toirt eisimpleir seachad de na seallaidhean-tìre a tha a’ sìor-atharrachadh tro Innse Gall eadar mòinteach is machair, croitean agus seallaidhean-mara.
- Eileanaich – tha an gaileiridh seo a’ cuimseachadh air muinntir nan eilean tro dhealbhan agus taisbeanaidhean lèir-chlaistinneach. Nam briathran fhèin tha iad ag innse dhut mu dhòigh-beatha sna h-eileanan a dh’fhaodadh a bhith nan dùbhlan do na ro-bheachdan a tha aig cuid den luchd-tadhail. Seo cuideachd far am faigh thu a-mach mu na Comainn Eachdraidh a tha suidhichte air feadh nan eilean.
- Blas nan Eilean – is e seo am prìomh ghaileiridh agus tha e a’ dèiligeadh ris na cuspairean Am Fearann, Am Muir, Beatha Obrach agus Beatha sa Choimhearsnachd. Anns a’ ghaileiridh seo tha sia Fir-tàileisg Leòdhais air iasad bho Taigh-tasgaidh Bhreatainn agus stuthan cudromach air iasad bho Thaighean-tasgaidh Nàiseanta Alba a’ gabhail a-steach arceòlas agus carbaid Morgan 3 chuibhleach.
- Air an Stairsich – tha an t-àite seo a’ beachdachadh air an cùisean a tha a’ toirt buaidh air an latha an-diugh agus an latha a-màireach leithid ath-chuairteachadh agus ath-chleachdadh de stuthan, spòrs agus fasan (a’ gabhail a-steach na dh’fhaodas sinn ionnsachadh bhon àm a chaidh seachad).
Taisbeanaidhean Spèisealta ann am Beinn na Faoghla agus Leòdhas
Cho math ris na taisbeanaidhean maireannach ann an Steòrnabhagh, faodaidh an dà thaigh-tasgaidh a bhith a’ taisbeanadh no ag ullachadh thaisbeanaidhean spèisealta agus tachartasan do luchd-tadhail. Faigh a-mach tuilleadh san earrainn Dè tha dol againn.
Cruinneachaidhean
Tha cruinneachaidhean aig Museum nan Eilean co-cheangailte ri eachdraidh shòisealta, dualchas ionadail agus arceòlas Innse Gall. Tha a’ mhòr chuid de stuth sòisealta, eachdraidheil agus dualchasach a’ buntainn ris an 19mh no an 20mh linn agus tha na cruinneachaidhean arceòlach a’ ruith bho Linn Meadhanach na Cloiche gu deireadh àm a’ Chogaidh Fhuair.
Tha mu 6,000 nì sa chruinneachadh. Gus tuilleadh fhaighinn a-mach tadhal air ar duilleag tar-shealladh den chruinneachadh.
Seirbheisean eile
Tha sinn cuideachd a’ tairgse raon de sheirbheisean eile a dh’fhaodar fhaicinn an seo.
Mur a lorg thu an nì a tha thu a’ coimhead air a shon cuir fios thugainn.